
Prògram Choinnich Diardaoin 15/04/2021
Tha 190 bliadhna bho chaidh Comunn Òiseanach Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh. 190 years since Glasgow University Ossianic Society was established.
Dè a’ bhuaidh a bhios aig a’ ghlasadh air na naoidhean a rugadh aig àm ’s nach robh e ceadaichte a choinneachadh air taobh a-muigh do thaigh fhèin? Bruidhnidh Coinneach ri triùir mhàthraichean agus athair a bh’ anns an t-suidheachadh seo anns a’ bhliadhna a chaidh seachad.
Tha Bernie Madoff, a chaidh a mhaslachadh an dèidh aoin de na cùisean foill a bu mhotha ann an eachdraidh ionmhasail Aimearagaidh, air bàs fhaighinn anns a’ phrìosan de dh’aois 82. Tha an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain a’ toirt sùil air a bheatha.
Agus tha Tormod Dòmhnallach a' leantainn air leis an t-sreath - Sliochd nan Sonn - anns am biodh a' rannsachadh sliochd Ghàidheal a bha ainmeil nan là. An t-seachdain-sa an t-Àrd Ollamh Mànus MacGill-Èain.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 15 Apr 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 Apr 202121:00BBC Radio nan Gàidheal