
Mgr Earraig le Seirbheis Didòmhnaich na Càisge
Seirbheis Didòmhnaich na Càisge còmhla Mgr Earraig às a' Phòlainn. Fr Earraig brings us our Easter Sunday Service from Poland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh seo :
Chaidh na laoidhean a leanas an clàradh ann an Eaglais Bhatarsaigh : 'Regina Caeli, Celtic Alleluia' agus 'Glòir do Dhia, tha sinne seinn do chliù'.
A’ seinn Solas na Grèine bha Còisir Sgoil Lionacleit agus a’ seinn O Seinneamh don Tighearna bha Còisir Eaglais Naomh Barr.
A' seinn Èirigh Bileag ùr Ghorm bha Sìneag Nic an t-Saoir agus Norrie MacÌomhair.
Soisgeul : Lùcas 24
'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart o chionn cha mhòr naoi bliadhna deug. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr'-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chuir dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-mach dotaireachd (Ph.D.) ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bidh e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann. An-uiridh chaidh ainmeachadh mar cheannard na Colaiste.
A thaobh a' cheangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhèin 's e 'sgeul gaoil a tha seo'.
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean agus tha e fhathast a’ dèanamh seo nuair a gheibh e an cothrom. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thairis air na seachd bliadhna deug tha e air tadhail air tòrr àiteachan an Alba agus air tòrr charaidean a’ dhèanamh. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, 'làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.'
Bhon uair sin tha e air a bhith ga h-ionnsachadh, rinn e cùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne agus ged a tha e anns a’ Phòlainn, tha e ag ràdh 'gu bheil a’ chridhe ann an Alba.'
Last on
Broadcasts
- Sun 4 Apr 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Apr 202115:00BBC Radio nan Gàidheal