
Feasgar còmhla ri Emma NicLaomain
Film ùr mu bheatha Tina Turner. Sky's new documentary film on Tina Turner. Lunchtime chat and music with Emma Lamont.
An d'fhuair sibh dreuchd ùr tron ghlasadh nàiseanta? Cluinnidh sinn mar a bha sin bho fheadhainn a fhuair obair ùr aig àm a bha fada bhon abhàist.
Tha film aithriseach ùr ri fhaicinn air Sky an-dràsta mu beatha an t-seinneadair ainmeil Tina Turner. Chaidh "Tina " a dheànamh mar seòrsa de shoraidh-slàn bhuaipe fhèin, is i a’ leigeil seachad a dreuchd de dh’aois 81 bliadhna! Bha an craoladair is sgrìobhaiche Seonag Monk ga choimhead.
A bheil craicinn hbanànathan abaich fìor mhath do chraobhan is planntraisean taighe? Tha fasan ùr an Astràilia far a bheil an sùgh bho chraiceann bhanànathan le beagan siùcair donn na cheann, ga chur air planntraisean. A rèir choltais, bidh na planntraisean a’ dùblachadh ann a meud! Gheibh sinn beachd bhon ghàirneilear,Calina NicDhòmhnaill.
Dè cho doirbh ‘s a tha e gu bhith soirbheachail ann an saoghal a’ chiùil mura bi thu seinn sa Bheurla? Tha dol gu math leis a’ chòmhlan phop Swnami às ‘a Chuimrigh. Ged a chaidh iarraidh orra roimhe seinn sa Bheurla, dhiùlt iad, is iad ’son cumail ri an cànan màthaireil, a' Chuimris. Cluinnidh sinn bho fheadhainn a th' ann an còmhlain a bhios a’ seinn sa Ghàidhlig mar a thathas a’ gabhail riutha ann an saoghal a’ chiùil.
Ceòl bho Graham Colton, BEKA, The Fratellis ,Kygo le Tina Turner agus mòran eile.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Graham Colton
Into the Wild
![]()
BEKA
My One
![]()
James Mackenzie
Where You Are Going
![]()
BANNERS
If I Didn't Have You
![]()
Kygo & Tina Turner
What's Love Got To Do With It?
![]()
The Fratellis
Need A Little Love
![]()
Sŵnami
Theatr
![]()
Sam Smith
Time After Time
Broadcast
- Tue 30 Mar 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
