
A' cuimhneachadh air teipichean casette
Pòsadh no morgaidse, dè tha a' faighinn prìomhachas? Marriage or mortgage, what takes priority?
Tha streath ùr telebhisean à Aimeireagaidh air nochdadh, Marriage or Mortgage, far am bheil càraidean a' dèanamh taghadh eadar cò air a chosgas iad an cuid airgead. Tha Cathy NicDhòmhnaill a' còmhradh ri triùir a tha ann an suidheachadh far am bheil iad a' beachdachadh air an dearbh rud.
Smaoinich cò ris a bhitheadh e coltach flat eile a lorg air cùl an sgàthain anns am flat agad fhèin? Tha na ceudan de mhìltean air bhideo dhan a seo a choimhead air Tik Tok agus e air iongnadh a chur orra. Ach chan e a-mhàin annasan a tha air Tik Tok, ach ionnsachadh cuideachd, cluinnidh sinn bho dhaoine mu na cunntasan a tha iad a' leantainn, agus na tha a' còrdadh riutha.
Chuala sinn an t-seachdain sa gun do chaochail Lou Ottens. Na latha bha e ag obair dhan a' chompanaidh Philips, agus 's e a chruthaich teipichean cassette. Dè na cuimhneachain a th' againn air na cassettes a chùm ceòl rinn fad bhliadhnaichean tron lìnn a chaidh seachad.
Òrain bho The Aces, London Grammar agus Harry Styles.
Last on
Music Played
![]()
Ellur
Alive
![]()
Harry Styles
Golden
![]()
London Grammar
How Does It Feel?
![]()
The Aces
Daydream
![]()
JC Stewart
Break My Heart
Broadcast
- Mon 15 Mar 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
