
Trì dealbhan pearsanta agus prìseil
Gnìomhachas maise agus cungaidhean-gnuìs am Breatann ann an staing. Britain's beauty industry is in crisis - have you cut back on purchase? Chat and music with Cathy MacDonald
Ceòl agus còmhradh aig àm lòin còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill.
Tha 26 billean not ga chur ri eaconamaidh Bhreatainn gach bliadhna bho mhaise-gnùis agus cungaidhean maise gan reic. Ach tha an gnìomhachas sin a-nise ann an staing. Chan eil daoine a'cleachdadh faisg uimhir a mhaise-gnùis seach ’s nach bi iad a’ dol a mach gu oifis no a dh'àite sam bith eile. Cluinnidh sinn bho fheadhainn as àbhaist a bhith ceannachd ‘s a’ cleachdadh maise-ghnùis bho là gu là.
Tha neamhnaidean air ais san fhasan. Bha iad uaireigin air am faicinn mar seudan car foirmeil, stuama ach tha sin ag atharrachadh. Tha Iar Cheann-Suidhe ùr nan Stàitean Aonaichte, Kamala Harris, air aire as ùr a tharraing ri neamhaidean, 's i tric gan cosg. Gheibh sinn eachdraidh neamhnaidean ann am fasan bhon dealbhaiche-aodaich, Sandra Mhoireach.
Agus tha Shona Nic'IlleFhialain a ' taghadh trì dealbhan a tha prìseil is pearsanta dhi.
Ceòl bho Jessie Ware. McFly, Matt Cardle agus mòran eile.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
GoldFord
Walk With Me
![]()
Matt Cardle
Purple Crayon
![]()
Jessie Ware
Champagne Kisses
![]()
Birdy
Loneliness
Broadcast
- Wed 3 Mar 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
