
Eilean Santorini
Càite am bu chòir farpais Cupa na Cruinne a chumail ann a 2030? Where should the 2030 World Cup be held?
Tha Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte, Boris Johnson, air innse gu bheil e airson 's gun tèid tagradh a-steach airson Cupa na Cruinne a chur air dòigh anns an Rìoghachd Aonaichte agus Èirinn ann an 2030. Dè am beachd a th' aig luchd-leantainn ball-coise?
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil dùil ann gun till sgoilearan bun-sgoile uile dhan sgoil air a 15mh den Mhàirt. Ciamar a tha pàrantan air a bhith a' faighinn air adhart ag oideachadh an cuid chloinne aig an taigh?
Cluinnear cuideachd bhon neach-naidheachd Anna NicLeòid mar a chaidh binn trì bliadhna sa phrìosan a chur air seann cheann-suidhe na Frainge, Nicolas Sarkozy, airson coirbteachd. Chan eilear a' smaoineachadh gun caith e ùine sa phrìosan oir gun robh dà bhliadhna dhiubh sin le dàil agus dùil gun cur e seachad bliadhna le tag air.
Agus tha Màiri NicLeòid a' leantainn oirre leis an t-sreath Eileanan Beaga Na Grèige, an-diugh a' tadhal air Santorini.
Last on
Broadcasts
- Wed 3 Mar 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Mar 202121:00BBC Radio nan Gàidheal