
A bheil rian air na leabhraichean agaibh aig an taigh?
A bheil e cudthromach dhut gu bheil do chuid leabhraichean ann an òrdugh. Is it important to you to have your books organised?
Tha na cluicheadaran Volleyball Gearmailteach, Karla Borger agus Julia Sude, air a ràdh nach tig iad a chluich Volleyball aig Co-Fharpais FivB a chùmar ann an Qatar anns a’ Mhàrt, seach gu bheil na h-ùghdarasan an sin air a ràdh nach fhaod iad bikinis a chleachdadh nuair a bhios iad a’ cluich. Tha e air iarraidh orra briogaisean agus lèintean-t a chosg. Tha na lùth-chleasaichean ag ràdh gu bheil na bikinis cudthromach dhaibh, agus gur e sin an t-aodach-obrach aca. Tha Murchadh MacLeòid a’ mìneachadh barrachd mu na tha ceadaichte agus nach eil, agus dè tha air a mholadh anns na Dùthchanan Aònaichte Arabach (UAE).
Nach eil sinn uile sgìth dhe bhith a’ coimhead air daoine agus na sgeilpichean aca làn leabhraichean air an cùlaibh air Zoom, nar n obair, air na meadhanan sòisealta agus air an telebhisean? Mar as trice chan eil sinn faisg gu leòr ’son dèanamh dheth dè na leabhraichean a tha aca. Saoil a bheil seo air toirt air daoine sgioblachadh a dhèanamh, no feuch an urrain dhaibh òrdugh a chur air na leabhraichean. Gheibh Cathy facal air triùir agus na taighean aca làn leabhraichean, ach a bheil rian orra?
Agus tha Calum Aonghas MacAòidh a' taghadh trì dealbhan a tha prìseil is pearsanta dha.
Last on
Music Played
![]()
James Smith
My, Oh My
![]()
GoldFord
Walk With Me
![]()
James Mackenzie
Closer (Blair Young Rework)
![]()
Valerie June
Got Soul
Broadcast
- Wed 24 Feb 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
