
Cuimhneachain air Dimàirt na h-Inide
Tha Patsi NicChoinnich a' toirt beachd air sgrìobhadh an ùghdair Albannaich, Andrew O' Hagan. Patsi MacKenzie discusses the work of Scottish writer and novelist, Andrew O'Hagan.
Còmhradh agus ceòl aig àm lòin còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill.
'S e Dimàirt na h-Inide a th' ann. Dè na breacagan agus na bonnaich as fheàrr air a bheil cuimhn' agaibhse?
Tha sinn air ar beò-ghlacadh le pròiseactean de thaighean gan leasachadh as ùr. Air Feasgar, gach ceala-deug bidh Innes MacCuithein ag innse mun t-seann taigh a tha e fhèin a' leasachadh ann an Eilean Luing ann an Earra-Ghàidheal. Dè mar a tha dol leis, is e deànamh an h-obarach air fad leis fhèin? Bidh dealbhan de phròiseact Innes rim faicinn air duilleag Facebook Radio nan Gàidheal.
Gach seachdain, bidh Patsi NicChoinnich a' toirt sùil air sgeulachd-bheatha sgrìobhadair Albannaich, ag innse cò às a tha iad, càite an do thòisich iad, ciamar a thàinig iad gu sgrìobhadh agus an seòrsa stoidhle a th' aca. An-diugh, Andrew O' Hagan.
Ceòl bho Rag 'n Bone Man, Russell Dickerson, Lucy Spraggan is mòran eile. www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Rag’n’Bone Man
All You Ever Wanted
![]()
Russell Dickerson
Love You Like I Used To
![]()
Lucy Spraggan
Animal
Broadcast
- Tue 16 Feb 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
