
Eilean Hydra
A bheil comainn ball-coise fo na h-àrd ìrean ann an Alba ann an staing a thaobh ionmhais? Are lower league clubs in Scotland struggling financially?
Tha cuid a chomainn ball-coise fo na h-àrd ìrean ann an Alba ag ràdh gu bheil iad ann an cunnart a dhol a-mach à bith mura tig fuasgladh air suidheachadh a' Choròna-Bhìorais agus mura tig luchd-leanntainn air ais gu na pàircean aca. Gheibh Coinneach beachd bhon luchd-leantainn.
Tha Mìcheal Newton còmhla ri Coinneach is e a' bruidhinn mun leabhar ùr aige, Gaelic In Your Gob, a tha ag innse mun cheangal eadar Gàidhlig agus facail a tha rin lorg sa Bheurla an-diugh.
Tha a’ Ghreug a’ beachdachadh air luchd-siubhail às an Rioghachd Aonaichte a leigeil a-steach dhan dùthaich as t-sàmhradh mas urrainn dhaibh dearbhadh gu bheil iad air banachdach a’ Choròna-Bhìoras fhaighinn. Thug an t-eòlaiche-siubhail Daibhidh Byrne sùil air an sgeulachd dhuinn.
Tha Màiri NicLeòid min-eòlach air na h-eileanan Greugach, is i air tòrr ùine a chaitheamh san dùthaich. Ann an sreath ùr innsidh Màiri dhuinn mu na h-eileanan, feadhainn air am bi sinn uile eòlach, ach feadhainn cuideachd nach eil buileach cho ainmeil. An-diugh, Eilean Hydra.
Last on
Music Played
![]()
Bicep
Atlas
Broadcasts
- Wed 17 Feb 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Feb 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
