
Cèilidh le Màiri Sandeman agus Uilleam Iain MacAmhlaigh
Ceilidh à Muile le còmhlan Bobby Mhicleòid le Màiri Sandeman 's Uilleam I MacAmhlaigh. A Mull ceilidh with Bobby Macleod and his band with Mary Sandeman and Willie John MacAulay.
Ann a seachdain aig toiseach na Dùbhlachd ann an 1977 chaidh grunn cheilidhean a chlàradh ann an Taigh-òsta a Mhishnish ann am Muile agus abair gu robh ceòl math ri chluinntinn nuair a chaidh an craoladh as t-earrach às dèidh sin. Cluinnidh sinn taghadh de na ceilidhean sna seachdainean a tha romhainn.
Os cionn a' chiùil tha cò eile ach Bobby Macleòid air a' bhucas agus Billy Thom air na drumaichean, le Frank Henery air a' ghiotar agus Alasdair Macleòid air 'double bass'. A thuilleadh air a' chèol an-diugh tha Màiri Sandeman a' seinn 'Ochoin a Rìgh' agus 'Loch Maruibhe' agus Uilleam Iain MacAmhlaigh a' gabhail 'Balaich an Iasgaich' agus 'A Mhàiri Dhonn is Toigh Leam Thu'.
'S iad na puirt a th' aig Bobby agus Billy : _
Sweet Maid of Glendaruel / Coirechoillie's Welcome / Piper's Cave /Greenwood Side /Teribus, Campbell's Farewell to Redcastle. Nut-brown Maiden/ Tha mi Sgìth/ Dornoch Links.
The Kingston Hornpipe/ The Golden Eagle/ Off to California.
Leaving Glen Urquhart/ Ross-shire Volunteers.
Jean's Reel/ Sally Gardens/Timor the Tartar.
My Native Highland Home/ Leaving Port Askaig.
Last on
Broadcasts
- Tue 9 Feb 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Feb 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Feb 202110:00BBC Radio nan Gàidheal