
A bheil còir iarraidh air sgoilearan a’ bhliadhna-sgoile a dhèanamh a-rithist?
Aran goirid le liomaid le Mark Mac A' Ghobhainn. Mark Smith shares his lemon shortbread recipes.
Is e mìlsean an deireadh-seachdain a tha aig Cathy NicDhòmhnaill dhuinn còmhla ri Mark Mac a' Ghobhain. An-diugh, 's e aran goirid le liomaid a th' aige. Bidh Mark cuideachd, gach seachdain, a' toirt sùil air beatha agus obair còcaire ainmeil: an-diugh, Jamie Oliver.
Tha còmhraidhean cudthromach ann an Riaghaltas na h-Alba, is iad a’ beachdachadh air an t-slighe air adhart airson foghlam agus sgoiltean agus eagal gum mair cuingealachaidhean a’ ghlasaidh fad mhìosan fhathast. Dh’fhaodadh gum feum sgoilearan san àrd-sgoil a’ bhliadhna-sgoil seo a dhèanamh a-rithist. Ach thathas ag ràdh gur e seo am fìor cheum mu dheireadh agus gun tèid a h-uile nì as urrainn a dhèanamh gus seo a sheachnadh. An e deagh bheachd a bhiodh ann an seo? Am biodh buannachd ann dhan chloinn?
Bha Sandra Mhoireach a’ coimhead air taisbeanaidhean Haute Couture à Paris, agus gheibh sinn a beachd air sin agus staid phrìomh shràidean ar dùthcha le liuthad de bhùthan aodaich a' dùnadh.
Òrain bho Gwen Stefani, Tom Speight agus Olicia Rodrigo.
Last on
Music Played
![]()
Gwen Stefani
Let Me Reintroduce Myself
- Let Me Reintroduce Myself.
- 001.
![]()
Tom Speight
Everything's Waiting For You
![]()
Lola Lennox
La La Love Me
![]()
Olivia Rodrigo
Drivers License
![]()
Nathan Evans
Wellerman
Broadcast
- Fri 29 Jan 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
