
Là Fèill Brìghde gu Là Fèill Mìcheil
Sgeulachan 's beul-aithris mu làithean fèille a bh' air a chumail leis na Gàidheil. Jo Macdonald brings us recordings on high-days and holidays at the School of Scottish Studies.
Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
A seo tha Jo NicDhòmhnaill a' toirt thugainn cuid de na sgeulachan agus beul-aithris mu làithean fèille a bh' air a chumail leis na Gàidheil. Cluinnidh sinn mu Là Fèill Brìghde, Là Fèill Moire nan Coinneal, Là Fèill Mìcheil, Là Fèill Pàdraig, A' Chàisg, Là Fèill Briannan agus Là Bealltainn.
Tha am fiosrachadh aig Ciorstaigh Dhòmhnaill Sheumais à Gèirinis, an Uibhist a Deas, Nan Eachainn Fhionnlaigh à Bhatarsaigh, Aonghas Mac Aonghais ’Ic Iain Mhòir à Cille Pheadair, agus Dòmhnall Mac Alasdair Mhòir 's Peigi Aonghais ’Ic Eachainn à Loch Aineort.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 28 Jan 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 Jan 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 31 Jan 202109:30BBC Radio nan Gàidheal