
28/01/2021
Beachdan mun cheann-suidhe ùr ann an Ameireagaidh, Joe Biden. How do Americans view the new President, Joe Biden?
Ann an cathair Choinnich an t-seachdain sa tha Maureen NicLeòid.
Tha seachdain ann a-nis bho thòisich an Ceann-suidhe Biden na dhreuchd ùr sna Stàitean Aonaichte. Dè am beachd a th' aig muinntir Ameireagaidh air mar a thèid dha? Agus dè an dìleab a dh' fhàg an Ceann-suidhe Trump? Agus dè na tha dùthchannan air feadh an t-saoghail a-nis a' smaoineachadh mu Ameireagaidh 's ceann-suidhe ùr san taigh-geal?
Thathas ag iarraidh air daoine a bhith gu math faiceallach an-dràsta bho maoimean-sneachda ann am beanntan na h-Alba. Tha tòrr sneachd air a bhith ann sna làithean a dh'fhalbh agus tha e coltach gu bheil cùisean freagarrach airson sneachd a bhith a' tuiteam sìos cliathaich na beinne. Cluinnidh sinn mar as urrainn dhut aire a thoirt dhan leithid.
Last on
Broadcasts
- Thu 28 Jan 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 Jan 202121:00BBC Radio nan Gàidheal