
Farpais Teanas Astràilia
Beachdan à Astràilia 's farpais teanas mòr a' gabhail àite ann am beagan sheachdainean. Before the Australian Open begins we speak to listeners in Australia.
Tha cuid de na cluicheadairean teanas a tha gu bhith a' gabhail pàirt ann am Farpais Fhosgailte Astràilia an-dràsta a' caitheamh 14 là ann an cuarantain teann ann an taigh-òsta, rud a tha air connspaid a thogail 's cuid de na cluicheadairean air a bhith a' càineadh an t-suidheachaidh air na meadhanan-sòisealta. Ciamar a tha sluagh Astràilia a' faireachdainn mun chùis?
Cuideachd, tha rannsachadh ùr air DNA an dà dhust a chaidh a lorg ann an Uamh MhicArtair anns an Òban a' sealltainn gu robh an dithis càirdeach. Mìnichidh Calum Iain Bartlett cho cudromach 's a tha a naidheachd a tha seo agus bheir an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart dhuinn eachdraidh chloinn 'icArtair ann an sgìre an Òbain.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Thu 21 Jan 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Jan 202121:00BBC Radio nan Gàidheal