
03/12/2020
Mar a tha Taiwan air dèiligeadh leis a' Choròna -bhìoras. How has Taiwan dealt with the Coronavirus?
Tha fathannan ann gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' dol a leudachadh na h-ùine a bhios na sgoiltean dùinte aig àm na Nollaig am bliadhna le a bhith a' cur seachdain a bharrachd ris a' chlàr-ama. Faighnichidh sinn de thrìuir phàrantan dè a tha iadsan a' saoilsinn dhen a seo?
Cluinnidh sinn bho Chailean Spencer mar a tha Taiwan ri mholadh airson an dòigh anns an do làimhsich an dùthaich an Coròna-bhìoras.
Mìnichidh Euan MacCoinnich an iomairt a tha luchd-glèidhteachais a' cur air adhart airson an t-eun as mòtha anns an t-saoghal, an Dalmatian Pelican, a thoirt air ais a Bhreatainn an dèidh dhaibh an dùthaich a thrèigsinn bho chionn 2000 bliadhna.
Agus gheibh sibh cothrom eile èisteachd ri còmhradh a chlàir Coinneach ann an 2010 còmhla ri Dòmhnall Iain Moireasdan aig taisbeanadh taigh-sholais ann am Baile nam Frisealach.
Last on
Broadcasts
- Thu 3 Dec 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 3 Dec 202021:00BBC Radio nan Gàidheal