Main content

04/12/2020
Tha Bun-sgoil an Ath Leathainn againn mar Sgoil na Seachdain. Cluinnidh sinn mun sgoil fhèin, na bhios iad ris aig àm cluiche, pròiseactan sgoile agus tòrr eile. 'S iad fhèin a tha os cionn na taghaidhean ciùil cuideachd agus abair gu bheil measgachadh aca dhuinn.
Last on
Sat 5 Dec 202012:00
BBC Radio nan Gàidheal
Music Played
![]()
Survivor
Eye Of The Tiger
- The No.1 Movies Album (Various Artist.
- Polygram Tv.
![]()
Mànran
Latha Math
- Manran.
- Manran Records.
- 008.
![]()
David Bowie
Space Oddity
- Space Oddity.
- RCA.
![]()
Stevie Wonder
What Christmas Means To Me
- 20 Motown Christmas Classics (Variou.
- Hitsville.
![]()
Queen
Another One Bites The Dust
- The Game.
- Island.
- 3.
Bleideag

Bleideagan
Ma tha thu airson na h-uinneagan agad a sgeadachadh le bleideagan, ‘s urrainn dhut sin a dhèanamh ann an dòigh gu math sìmplidh.
Feumaidh sibh:
Gliotar
Teip stiogach
Dà phoca plastaig (feumaidh sibh faicinn tromhpa)
Dealbh de bhleideag (faodaidh tu fhèin fear a dhèanamh no a lorg air an eadar-lìon)
Glaodh PVA
Cè bearraidh
Flùr plèan
Dath bìdh (ma tha thu ag iarraidh dath a chur air na bleideagan agad)
Pìos pàipear no cairt
Siosar
Bior fhiaclan
Dòigh:
An tòiseach, feumaidh tu trì spàin bhùird cè bearraidh, aon spàin bhùird glaodh pva agus aon spàin bhùird flùr a mheasgachadh còmhla ann am bobhla.
Faodaidh tu dath a chur ris ma tha thu ag iarraidh. Ma tha e ro thiugh, cuir barrachd glaodh ann no ma tha e ro fhliuch, cuir rud beag a bharrachd flùr ann.
Cuir e am broinn aon de na pocannan plastaig – gu aon oisean – coltach ri siùcar còmhdachaidh airson cèic agus fàg gu aon taobh e.
Air an duilleag phàipear, dèan dealbh de bhleideag – no clò-bhuail dealbhan dhiubh bhon eadar-lìon.
Le taic bho inbheach, geàrr mullach far a’ phoca plastaig eile.
Cuir am pìos pàipear le na bleideagan na bhroinn agus cleachd an teip gus an cumail còmhnard.
A’ cleachdadh bior fhiaclan, cuir toll ann an oisean a’ phoca plastaig anns a bheil am measgachadh agad – chan fheum e a bhith ro mhòr.
Thèid thairis air na loidhnichean airson na bleideagan agus nuair a thu toilichte leotha – cuir còmhdach gliotar air muin na loidhnichean.
A-nise, seo an rud as duilghe, feumaidh tu fhàgail a-nise airson co-dhiù ceithir uairean fichead ach ‘s dòcha ceathrad ‘s a h-ochd uairean gus an tiormaich iad.
Nuair a tha iad tioram, crath air falbh an gliotar a bharrachd agus gu faiceallach tog iad bhon a’ phoca plastaig. A-nise, tha thu deiseil airson na h-uinneagan a sgeadachadh.
Dh’ fhaodadh tu am measgachadh seo a chleachdadh airson cruthan eile cuideachd, ma tha thu a' dol ga fheuchainn, nach cuir thu fios thugainn agus seall dhuinn na rinn thu, [email protected]

Bleideag eile

Broadcasts
- Fri 4 Dec 202014:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 5 Dec 202012:00BBC Radio nan Gàidheal