
Calum MacDhonnchaidh, RAF
Calum MacDhonnchaidh ag innse mu bheatha na navigator san RAF aig àm an Dàrna Cogaidh. Calum Robertson recounts his life as an RAF navigator during WW2.
Air Seachdain Cuimhneachaidh tha sinn a' comharrachadh gu bheil 75 bliadhna bho sguir an Dàrna Cogaidh 's a seo 's ann air an RAF a tha am prosbaig.
Bha Calum MacDhonnchaidh, Calum Ùisdean às a' Cheann Àrd os cionn Clachan na Luib an Uibhist a Tuath, bliadhna thar fhichead nuair a chaidh a ghairm gu seirbheis na dùthcha tràth san Dàrna Cogaidh. Gu h-annasach do dh’eileanach, raghnaich Calum an RAF agus às dèidh ùine glè ghoirid de thrèanadh bha e an luib sgioba air itealan bomber, air an robh a Halifax. B’ ann còmhla ri na Canèidianaich a bha e le 424 Squadron a bha air a bhith sgèith à ceann a tuath Afraga a’ bombadh Sicily agus an Eadailt ron a sin. Bha esan na navigator orra nuair a thill iad a cheann a tuath Shasainn gu Skipton-on-Swale ann a Siorrachd Iorc ann a 1943. A seo tha e ag innse mun obair a bh' aige do Dhòmhnall Camshron.
Last on
Broadcasts
- Mon 2 Nov 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 2 Nov 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Nov 202013:00BBC Radio nan Gàidheal