
Na Lovat Scouts
Feadhainn a bha sna Lovat Scouts san Dàrna Cogadh a' cuimhneachadh mar a thachair dhaibh. Those who served in the Lovat Scouts during World War 2 recall their days of service.
Ann am meadhan Torshaven, prìomh-bhaile nan Eileanan Fàrach, tha tasglann far a bheil stòras de dhealbhan nach biodh dùil ris – brìg dhealbhan de shaighdearan Gàidhealach. Aig àm an Dàrna Cogaidh chaidh Rèisimeid na Lovat Scouts a chuir gu na h-eileanan sin gus an dìon bhon nàmhaid agus, fhad ‘s bha iad ann, ghabh mòran de na saighdearan cothrom a dhol gu dealbhadair ann an Torshaven agus ‘s e leth-bhreacan de na dealbhan a thog e a tha a-nis air an tasgadh sa bhaile. Bha tadhal aig dealbhadair air fear de na h-annasan a bha romhpa sna h-Eileanan Fàrach ach mar a chuala Cailean MacIllEathain agus Mairead NicIllFhinnein bho Iain Eàirdsidh Mac a’ Phiocair à Griomasaigh, Domhnall MacCoinnich a Toirbheartan agus Dòmhnall Iain Mac a' Phearsain à Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath, a bha iad fhèin sna Lovat Scouts, cha robh an dùthaich eu-coltach ris a’ Ghàidealtachd.
Chaidh na còmhraidhean a chlàradh bho chionn deich bliadhna fichead.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 5 Nov 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Nov 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Nov 202009:30BBC Radio nan Gàidheal