
05/11/2020
Mar a tha Là Sàbaid a' Chuimhneachaidh ga chomharrachadh am-bliadhna. How Remembrance Sunday is being marked this year.
Air an t-seachdain cuimhneachaidh sa tha riaghailtean a’ Choròna-bhìoras a’ ciallachadh nach bi seirbheisean cuimhneachaidh àbhaisteach gan cumail. Tha Dòmhnall Màrtainn ag innse mar a thathar air dòighean eadar-dhealaichte a lorg airson comharrachadh agus cuimhneachadh a dhèanamh am-bliadhna anns na h-Eileanan an Iar.
Tha a' bheinn-deighe as motha air an t-saoghal a’ dèanamh air South Georgia. Tha uallach air luchd-saidheans ma thèid a' bheinn-deighe, a tha mun aon mheud ri South Georgia, air na sgeirean air an eilean gun dèan e sgrios air an àrainneachd agus air fiadh-bheatha an eilein. Mìnichidh Iain MacAonghais dè a dh’adhbhraich gun do bhris a' bheinn-deighe air falbh.
Tha còmhstri a’ dol ann a Sealainn Nuadh an-dràsta mu tatùthan. Thòisich an deasbad nuair a chuir an t-ùghdar Olivia Pierson tweet a-mach a’ càineadh an tatù aodainn aig ball den chaibineat, Nanaia Mahuta. ‘S i Nanaia Mahuta a’ chiad Ball Pàrlamaid ann a Sealainn Nuadh aig a bheil moko, no tatù aodainn, a tha a’ sealltainn dualchas Maori. Innsidh Janet NicDhòmhnaill dhuinn mun sgeulachd.
Às dèidh do thaigh ann an Chelsea tuiteam fhad 's a bha obair-leasachaidh ga dhèanamh air, bheir sinn sùil air na riaghailtean a tha ceanagailte ri leithid a dh’obair-leasachaidh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 5 Nov 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Nov 202021:00BBC Radio nan Gàidheal