
Dè a th' ann an zeptosecond?
Tha luchd saidheans air zeptosecond a thomhais, an ùine is giorra ann an tìm. A zeptosecond, the shortest amount of time ever recorded, has just been measured by scientists.
Chaidh zeptosecond, an ùine is giorra ann an tìm a chaidh riamh a clàradh, a thomhas le luchd saidheans ann an oilthaigh Goethe ann am Frankfurt. Mìneachaidh Murchadh Peutan mar a tha luchd saidheans air a bhith a' tomhas tìm thar nan linntean bho chlàradh gluasad na grèine chun an latha an-diugh.
'S tric a bhios sinn a' cluinntinn mu hackers a' deanamh milleadh air an eadar-lìon, a dùnadh sios làraich-lìn agus a goid bho chompanaidhean mòra. Ach tha buidheann de hackers ann an-dràsta a tha a' toirt seachad bitcoins a tha iad air a ghoid air loidhne agus iad gan cuir a-steach gu cunntasan cathranntais. Cluinnidh sinn bho Dhòmhnall Dòmhnallach mu na Robin Hood Hackers.
Àm togail a bhuntàta, ach ciamar a tha cùisean air a bhith am bliadhna? A bheil am buntàta air a bhith plaillt agus blasta? An do thog iad sùileagan no làn slòc? Gheibh sinn beachd bho thriùir a tha dèidheil air buntàta.
Agus le deasbad a' dol an-dràsta dè cho deatamach sa bha an obair a bha a' dol ann am Bletchley Park ann an Sasainn aig àm a' chogaidh, gheibh sibh cothrom eile èisteachd clàradh a rinn Coinneach agus esan anns an dearbh àite còmhla ri Tommy MacAsgail agus Iain Alasdair Moireach. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 21 Oct 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 21 Oct 202021:00BBC Radio nan Gàidheal