
Mòr Nicleòid air Bàrd Iarsiadar
Mòr Nicleòid le bàrdachd agus eachdraidh Iain Mhic a' Ghobhainn, bàrd Iarsiadar. Marion Macleod tells Neen Mackay about her fellow villager, John Smith's life and poetry.
Rinn Iain Mac a' Ghobhainn, Seonaidh Phàdraig, Bàrd Iarsiadar diofar sheòrsaichean bàrdachd - òrain aotrom mu thachartasan agus mu dhaoine leithid Òran an t-Seana Ghille, dàin sa bheil e ag innse seann sgeulachdan agus grunn dhàin fhada dhomhainn, leithid Spiorad a' Chathrannais, pìos cho ainmeil 's a rinn e. Anns a' bhàrdachd aige chì sinn gu robh taobh mòr aige ri daoine bochd agus ri strì an fhearainn ged is ann do mhuinntir an tac a bha e fhèin. Rugadh e ann an Iarsiadair a Leòdhas ann an 1848. B' e athair Pàdraig Fhearchair aig a robh tac Iarsiadair, agus b' i a mhàthair Seònaid Dhoiligean à Tàcleit , a bhàsaich agus e na leanabh. Cha robh a bheatha furasta le dìth na slàinte agus a seo tha Mòr Nicleòid, i fhèin à Iarsiadar, ag innse eachdraidh a bheatha agus a' breithneachadh air a bhàrdachd dha Neen Nicaoidh ann an 1988.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 15 Oct 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 Oct 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Oct 202009:30BBC Radio nan Gàidheal