
Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich
Na bha a' gluasad Dhòmhnaill Ailean Dòmhnaill na Bainich gu bàrdachd. Donald MacDonald from Daliburgh, South Uist discusses with Chris Dillon the inspiration behind his poetry.
Rugadh am bàrd Dòmhnall Ailean Dòmhnaill na Bainich, Dòmhnall Dòmhnallach, ann an Dalabrog an Uibhist Deas ann an 1906.
Thòisich e ri bàrdachd na dheugaire agus lean e ris, chun na h-ìre agus gun choisinn e Crùn na Bàrdachd le 'Aiseirigh a' Bheachain' aig Mòd Dhùn Dèagh ann an 1959; bàrdachd a’ meòrachadh air obair nàdair ‘s e a’ coimhead, mar a thuirt e fhèin, ‘feachd’ sheillein trang am measg shìtheanan. Cha do rinn e mòran bàrdachd às dèidh sin ach tha còig deug air fhichead ri lorg ann a leabhar, Òrain Dhòmhnaill Ailean Dhòmhnaill na Bainich, a chaidh a dheasachadh leis a’ Chanan Iain Aonghas Dòmhnallach ann an 1999. Am measg nan òran as anmeile a rinn e tha Òran Uibhist agus Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin.
Ann an 1988 chaidh Crìsdean Dillon a shealltainn air Dòmhnall an Inbhir Nis agus bhruidhinn iad air a bhàrdachd ann an doimhneachd.
Last on
Broadcasts
- Thu 17 Sep 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 17 Sep 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Sep 202009:30BBC Radio nan Gàidheal