Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1100
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1100. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Wed 19 Aug 202023:30
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 796
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1100
Duration: 05:00
Litir 1100: Briathrachas Fhuaimean (2)
Cuin a chluinneadh tu sgiùcan? ʼS e sin am fuaim a bhios cearc-fhraoich a’ dèanamh. Ann am faclair Dwelly, tha e ag ràdh: sgiùcan – the cackling, plaintive notes of a ... female grouse. Anns an dàn ‘Coire a’ Cheathaich’, sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir ‘a’ chearc le sgiùcan a’ gabhail tùchain’. The grouse with her cackle, cooing. A’ chearc le sgiùcan a’ gabhail tùchain. Fàilte oirbh uile. Tha mi a’ dol a thoirt sùil an t-seachdain sa air fuaimean a bhios ainmhidhean a’ dèanamh.
An toiseach – geum. ʼS e sin fuaim a nì bò. Airson ‘the cattle are lowing’, canaidh sinn tha an crodh a’ dèanamh geum. No tha an crodh a’ geumnaich.
An t-seachdain sa chaidh, thug mi sùil air comhart ‘bark’ agus donnal ‘howl’ – fuaimean a bhios coin a’ dèanamh. Tha tabhann ann cuideachd – a bark or yelp. A’ tabhann no a’ tabhannaich ‘barking, yelping’. Ann an Ros an Iar, bithear ag ràdh tabhann – no ‘tathann’ – ma bhios cù a’ comhartaich airson ùine, agus aire air rudeigin, leithid gràineag.
A bheil sibh eòlach air an fhacal mialaich? ʼS e sin am fuaim as trice a nì cat. Mialaich no miamhail. Tha an cat a’ mialaich ‘the cat is miaowing’. Nas miosa na sin, agus nas àirde na sin, tha sgiamh. Cluinnear sin aig cat ma tha e a’ sabaid no ann an èiginn. Tha an cat a’ dèanamh sgiamh ‘the cat is shrieking’.
Tha mèilich eadar-dhealaichte bho mialaich. ʼS e mèile no mèilich a nì caora no uan. Ma bhios uan a’ mèilich gu goirt airson a mhàthar, dh’fhaodamaid a ràdhtha mèile ghoirt aige ‘it has a sore-sounding bleat’. Dh’fhaodamaid a ràdh ‘mèilich’ airson gobhar cuideachd. Ach tha facal sònraichte againn airson ‘the bleating of a goat’ – meig. Tha am meann a’ meigeallaich ‘the kid goat is bleating’. Tha am meann a’ meigeallaich.
Ach air ais gu mèilich. Nuair a bhios caora a’ mèilich, dè chanas i? Ann am Beurla, canaidh i ‘baa baa’. Ach, ma bhios Gàidhlig aig a’ chaora – no co-dhiù Gàidhlig aig an duine a bhios ag èisteachd rithe – cha chan i ‘baa baa’ idir, ach ‘mè mè’. Agus seo agaibh dreach Gàidhlig air rann air am bi sibh eòlach.
Mè mè, chaora dhubh, Càite a bheil do chlòimh? Tha an seo, tha an seo, A’ fàs air mo dhruim. Poc’ airson a’ mhaighstir, poc’ airson na maighd’, poc’ airson a’ bhalaich bhig, Tha fuireach suas an gleann.
Bʼ e sin a’ chiad òran Gàidhlig a bh’ agam riamh, aig aois òg. Tha cuimhne agam fhathast air turas anns a’ chiad bhliadhna sa bhun-sgoil. Bha mi a’ fuireach ann am Broughty Ferry, faisg air Dùn Dè. Cha robh Gàidhlig sam bith anns an sgoil. Fhuair an tidsear a-mach gun robh mi air an samhradh a chur seachad air a’ Ghàidhealtachd, agus gun do dh’ionnsaich mi an t-òran sin. Thuirt i rium, ‘A-nise, a Ruairidh, an seas thu air beulaibh a’ chlas, agus an gabh thu “Baa baa Black Sheep” ann an Gàidhlig? Bha eagal mo bheatha orm, ach ghabh mi e.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cearc-fhraoich: [female red] grouse; Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Cuin a chluinneadh tu X?: when would you hear X?; fuaimean a bhios coin a’ dèanamh: noises that dogs make; ma bhios cù a’ comhartaich airson ùine, agus aire air rudeigin, leithid gràineag: if a dog is barking for some time, and its attention on something, such as a hedgehog; nas miosa na sin: worse than that; cluinnear sin aig cat ma tha e a’ sabaid no ann an èiginn: that will be heard from a cat if it is fighting or in extremis; ma bhios uan a’ mèilich gu goirt airson a mhàthar: if a lamb is bleating in a sore manner for its mother; nuair a bhios caora a’ mèilich, dè chanas i?: when a sheep is bleating, what does it say?; no co-dhiù Gàidhlig aig an duine a bhios ag èisteachd rithe: or if the person listening to it is a Gaelic speaker; seo agaibh dreach Gàidhlig air rann air am bi sibh eòlach: here is the Gaelic version of a verse you will know; mè mè, chaora dhubh: baa baa, black sheep; càite a bheil do chlòimh?: where is your wool?; a’ fàs air mo dhruim: growing on my back [there are other versions with slightly different words]; poc’ airson a’ mhaighstir: a bag for the master; poc’ airson na maighd’: a bag for the maid; poc’ airson a’ bhalaich bhig: a bag for the wee lad; [a] tha fuireach suas an gleann: who lives up the glen; fhuair an tidsear a-mach, [ann an] dòigh air choreigin: the teacher found out, somehow or other; gun robh mi air an samhradh a chur seachad air a’ Ghàidhealtachd: that I had spent the summer in the Highlands; an seas thu air beulaibh a’ chlas, agus an gabh thu X: will you stand in front of the class, and sing X; bha eagal mo bheatha orm, ach ghabh mi e: I was frightened out of my wits, but I sang it.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Tha mi a’ dol a thoirt sùil an t-seachdain sa air fuaimean a bhios ainmhidhean a’ dèanamh: I’m going to look this week at sounds animals make. I hope that the use of sa here doesn’t confuse you. It is simply a form of seo ‘here, this’. I could have said an t-seachdain seo ‘this week’. For an t-seachdain seo chaidh ‘last week’, it is more common to hear an t-seachdain sa chaidh. You will also hear an t-seachdain a chaidh, meaning the same.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: dh’fhaodamaid a ràdh: we could say.
Broadcasts
- Sun 16 Aug 202022:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 19 Aug 202023:30BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.