
Lilidh NicChoinnich bhon Tairbeart
Lilidh NicChoinnich, bean Sir Compton MacChoinnich, ag innse mu beatha. Lady Lily MacKenzie, wife of Sir Compton Mackenzie, in conversation with Aonghas MacNecail.
Ged is dòcha a dh’aithnicheadh daoine i mar treas bhean an sgrìobhadair ainmeil, Compton MacKenzie, bha e soillear bho sgeul Lilidh Nic Suain, nighean Chaluim a’ Bhreabadair, às an Tairbeart sna Hearadh, gu robh i na caractar glè chomasach, i fhèin. Rugadh i ann an 1918 is chaochail i ann an 2010, agus tha a sgeul beatha a' leigeil fhaicinn, gu soilleir, nach b’ e boireannach àbhaisteach a bh' innte.
Cha robh i ach ochd bliadhna a dh’aois nuair a chuir i eòlas air Compton an toiseach is e a' tadhal air a pàrantan, leis an robh e glè chàirdeil, agus sa phrògram sa tha i ag innse mar a lean a ceangal ris fad a beatha gus, mu dheireadh, a phòs iad. A seo bha i ann an còmhradh ri Aonghas Dubh MacNeacail ann a 1988.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 25 Jun 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Jun 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jun 202009:30BBC Radio nan Gàidheal