
Pìobaire à Uibhist a Deas
Eachdraidh beatha Aonghas MacDhòmhnaill, pìobaire à Uibhist a Deas anns an fhicheadamh linn. A profile of the 20th century piper Angus MacDonald from South Uist.
Cluinnidh sinn mu ghìomhachais an togail agus na dùbhlain a th' air a bhith orra bho fhuair iad cead a dhol air ais a dh' obair an dèidh dhaibh a bhith dìomhain cho fada ri linn a' Choròna-bhiòrais.
Gheibh sinn eachdraidh beatha a' phìobaire Aonghas MacDhòmhnaill à Uibhist a Deas a bha beò anns an fhicheadamh linn bhon Dotair Decker Forrest. Cuideachd tha Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein ag innse mun eòlas phearsanta a bh' aige fhèin air Aonghas na òige ann an Geàrraidh Bhailteas.
Agus tha Tormod Dòmhnallach a' leantainn air leis an t-sreath Faic air Fàire far a bheil e ag innse mu chomharran-tìre nach eil cho aithnichte dhuinn an-diugh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 25 Jun 202008:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Jun 202021:00BBC Radio nan Gàidheal