
Bun Thurasdal Choitcheann ga mholadh san Spàinn
Tha An Spàinn a' moladh Bun Thuarasdal Choitcheann a chleachdadh air sgàth ‘s a' Choronabhìoras. Spain plans to introduce Basic Universal Income. bbc.co.uk/coinneach
Mìnichidh Darren Laing mar a tha An Spàinn a' moladh Bun Thuarasdal Choitcheann a' chleachdadh ri linn 's a’ Choronabhìoras.
Cluinnidh sinn feadhainn dè na rannan beaga de cheòl agus òrain a tha cuid a' cruthachadh fhad 'sa tha iad a' fuireach aig an taigh air sgath 's a’’ Choronabhìoras. Cluinnidh sinn bho Chloe Steele, Iain Mac a’ Ghobhainn, Eòghann MacEannraig agus Julie Fowlis.
Agus tha Tormod Dòmhnallach a' leanntainn air leis an t-sreath far a bheil e a' toirt sùil air mar a tha coimhearsnachdan anns na h-eileanan air dèiligeadh ri cruaidh-chàs agus truaighe a thàinig orra tro na bliadhnaichean. An t-seachdain ‘sa cluinnidh sinn mu mhì-rùn an lagh an aghaidh chroitearan, an Siorram Ivory san Eilean Sgitheanach agus an t-aite a bh’ aig Sìne NicCoinnich agus Màiri Sìne NicCoinnich ann a bhith a’ cuideachadh an t-sluaigh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Clip
![]()
Coinneach 080420: Bàrdachd: Chloe Steele
Duration: 07:56
Broadcasts
- Wed 8 Apr 202008:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Apr 202021:00BBC Radio nan Gàidheal
