
Luchd-tagraidh Deamocrataigeach nan Stàitean
An luchd-tagraidh Deamocrataigeach a tha ag iomairt airson dreuchd Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte. The remaining Democratic candidates hoping to become US President.
Chan eil ach triùir air fhàgail a-nis anns an taghadh taobh a-staigh am Pàrtaidh Deamocrataigeach airson dearbhadh cò a thèid an aghaidh Dòmhnall Trump ro dheireadh na bliadhna airson iuchraichean an Taigh Ghil a' ghleidheadh. Cluinnear beachdan Cathy Muriel Carey agus Agnes Joan Cain air cò bho na tagraidhean Deamocrataigeach a tha coltach làmh an uachdar fhaighin aig a’ cheann thall.
A' leantainn oirnn a’ comharrachadh Seachdain Saidheans Bhreatainn, bruidhnidh sinn ri Amanda Nic Neacail, Anna Hulme agus Nina Stirling mu na cothroman a th'ann do bhoireannaich ann an roinnean saidheansail. Cuideachd dè am feum a bhios anns an £3 millean de dh'ionmhas a chaidh a chuir an cèill airson innleachdair boireann air an t-seachdain ‘sa.
Agus bheir Coinneach Macleòid iomradh air an leabhar "Cluaintean Uaine", cruinneachadh taitneach den bhàrdachd aig Seòras Moireach agus Domhnall MacIllIosa. Bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 12 Mar 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 12 Mar 202021:00BBC Radio nan Gàidheal