
Seachdain Preantasachd Alba
Tha Niall Iain Dòmhnallach ann an cathair Choinnich. Niall Iain MacDonald stands in for Kenny Maciver. bbc.co.uk/coinneach
Se seo Seachdain Preantasachd Alba. Bha uair se dìreach luchd-ciùird mar meacanaigean, saoir is pluimearan a bhiodh a' dol an sàs th' annta ach an-diugh faodar pàirt a ghabhail ann an còrr is ceithir fichead deifir seòrsaichean obrach.
Tha Baile ann an Afghanistan faisg air Kandahar a chaidh a thogail a-mhàin airson daoine a tha ciorramach. Innsidh Iain Mac a’ Phearsain mar a chaidh Mohammed bin Rashid a’ thogail bho chionn còig bliadhn’ deug air ais agus an-diugh tha còrr agus dà cheud neach, seann agus òg, air dachaigh fhaighinn anns a' bhaile.
Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt dha taigh-stàilinn ùr ann am baile Taigh Iain Ghròta ann a fìor cheann-a-tuath na Gàidhealtachd, a tha an dùil a bhios na thogail dhan sgìre. Thèid a shanasachd mar an taigh-stàilinn as fhaide tuath air Tìr Mòr na h-Alba, ged a tha taigh-stàilinn ainmeil eile shuas ann an Arcaibh.
Tha sgeama ùr air tòiseachadh ann an Glaschu airson daoine bochda a chuideachadh gun a bhith sìneadh airgead nan làmhan. Tha e air a’ ruith le comhairle a’ bhaile agus faodar airgead a thoirt seachad air loidhne no le bhith a’ pàigheadh le cairt aig innealan sònraichte sa bhaile.
Last on
Broadcasts
- Thu 5 Mar 202009:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Mar 202021:00BBC Radio nan Gàidheal