
Donnchadh MacChoinnich à Geàrrloch
Donnchadh MacChoinnich a bhuannaich am Bònn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann a 1936. Duncan MacKenzie, Mod Gold Medallist in 1936 talks to Fred Macaualay in 1988.
Chan e a h-uile duine aig aois 87 a sheinneadh òran ach cha b’ e a h-uile duine Donnchadh MacChoinnich às an t-Srath an Geàrrloch! Bhuannaich Donnchadh an Bonn Òir aig a’ Mhòd Nàiseanta an Inbhir Nis ann a 1936, an aon bhliadhna ‘s a bhuannaich Kitty NicLeòid bonn òir nam ban.
B’e tàillear a bha na athair ann an Geàrrloch agus bha teaghlach mòr ann – càraid nighean aig toiseach an teaghlaich agus Donnchadh an uair sin, a' chiad fhear de dh’ochdnar mhac a sreath a chèile. Rugadh e ann a 1901 agus chaidh a e dh’Oilthigh Ghlaschu ‘s thug e mach teagasg. Thòisich e an Obair Bhrothaig ach thug e greiseag a Sgoil Dhrinisiadair as na Hearadh, an Inhbir Nis ‘s am Bail' Ùr an t-Slèibhe ach ‘s ann an Dùn Èideann a chur e seachad a’ mhòr chuid dha bheatha-obrach gus na leig a dheth a dhreuchd sna trì ficheadan.
Fhads a bha e ann an Dùn Èideann, bha Donnchadh gu mòr a’ sàs ann an ceilidhean Comunn Tìr nam Beann agus sa Chomann Gàidhealach. Bha e làidir a thaobh na Gàidhlig agus nuair a chuir e clasaichean air adhart, thàinig 400 air adhart air an son. Bha e cuideachd ri bàrdachd agus rinn e grunn òrain.
Thill Donnchadh a dh’Inbhir Nis ann a 1967 agus nuair a chaidh Fred MacAmhlaigh a cheilidh air bha e fhèin ‘s a bhean air a bhith glè dhòigheil a sin airson fichead bliadhna. Bha e na èildear, na phrecentor, na bhritheamh aig mòdan agus bu dheagh chaomh leis gèam bowls agus a’ dol cuairt an cois na h-aibhne leis a’ chù.
Sa chòmhradh cluinnidh sinn mu èirigh suas, mar a dh' ionnsaich e a' Ghàidhlig agus mu bhith seinn agus a' sgrìobhadh òrain 's bàrdachd. Gheibh sinn cuideachd iomradh bhuaithe air Leabaidh na Bà Bàine, an t-àite ann an Geàrrloch far am biodh comanachadh dha chumail air a' bhlàr a-muigh.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Dealan-dè 200220
Duration: 04:12
Donnchadh MacChoinnich

Leabaidh na Bà Bàine ann an Geàrrloch

Broadcasts
- Thu 20 Feb 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 20 Feb 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Feb 202009:30BBC Radio nan Gàidheal
