
Màidsear na Pìoba Dòmhnall Beag MacLeòid à Leòdhas
Sgeulachd Màidsear na Pìoba Dòmhnall Beag MacLeòid à Leòdhas. Jo MacDonald profiles Pipe Major Donald MacLeod.
Rugadh Màidsear na Pìoba Dòmhnall MacLeòid ann an Steòrnabhagh ann an 1916. Tha e coltach gun do thòisich e air an fheadan ’s gun e ach ceithir bliadhna a dh’aois. Dà bhliadhna an dèidh sin bha Dòmhnall òg a’ faighinn teagasg bho Uilleam Ros, pìobaire ainmeil a bha a’ cumail chlasaichean sna h-eileanan bho àm gu àm. Bha e cuideachd a’ faighinn oideachadh bhon fhear-teagasg cliùiteach, Iain Dòmhnallach Inbhir Nis agus chùm e a’ dol thuige fad còig bliadhna fichead.
Chruthaich Dòmhnall cuid de na puirt pìoba as ainmeile agus an ceòlmhoire a chaidh a dhèanamh a-riamh agus choisinn e na duaisean a b’ àirde airson a chuid cluiche.
A h-uile bliadhna bho 1984 tha farpais cuimhneachaidh Dhòmhnaill MhicLeòid a’ gabhail àite ann an Steòrnabhagh; farpais a tha na pìobairearan as cliùitiche a' frithealadh.
Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri feadhainn a chuir eòlas air Dòmhnall ann an diofar dhòighean, bhon ùine a chuir e seachad mar phìobaire airm, mar fhear-teagaisg pìobaireachd agus mar charaid.
Last on
More episodes
Next
You are at the last episode
Clip
![]()
Pìobairean: Màidsear na Pìoba Dòmhnall Beag MacLeòid
Duration: 02:34
Broadcasts
- Tue 11 Feb 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Feb 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Feb 202010:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 12 May 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 May 202210:30BBC Radio nan Gàidheal
