
Uilleam Dòmhnallach à Beinn na Fadhla
Sgeulachd a' phìobaire Uilleam Dòmhnallach à Beinn na Fadhla. Jo MacDonald profiles piper Willlie MacDonald from Benbecula.
Bha Uilleam Bheinn na Fadhla, no Willie Benbecula na phìobaire aig àrd-ìre. Pìobaire a sgrìobh iomadh port is a choisinn cliù mar bhritheamh, mar neach-teagaisg agus mar eòlaiche air ceòl na pìoba.
B’ e pìobaire airm a bh’ ann fad iomadh bliadhna agus às dèidh dha an t-arm fhàgail air adhbharan slàinte chuir e bliadhnaichean seachad ag obair mar nurs ann an Inbhir Nis, a’ coimhead às dèidh dhaoine air an robh tinneasan inntinn. Bha e cuideachd na Mhàidsear Pìoba air Còmhlan Phìobairean an Legion anns a' bhaile agus bha fèill air mar bhritheamh agus bha daoine measail air a bhith na chuideachd.
Bha Uilleam air a mheas mar aon de na pìobairean bu ceòlmhoire de ghinealach agus anns a' phrògram seo le Jo NicDhòmhnaill cluinnidh sinn clàraidhean de dh’ Uilleam a’ cluich agus a’ bruidhinn mu dheidhinn a chuid ciùil agus cluinnidh sinn cuideachd bho feadhainn a bha eòlach air.
Last on
Clip
![]()
Pìobairean: Uilleam Dòmhnallach à Beinn na Fadhla
Duration: 03:52
Broadcasts
- Tue 28 Jan 202012:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 28 Jan 202022:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Feb 202010:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 Apr 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 May 202210:30BBC Radio nan Gàidheal
