
Dè chòrdas rinn air an àrd-shràid?
Tha àrd-shràidean Alba ann an trioblaid, ach dè na sràidean a tha còrdadh rinn is carson? As our High streets across the country are in trouble, which ones still appeal to us?
Tha Stewart Milne gus a dhreuchd mar chathraiche Sgioba Ball-coise Obar Dheathain a leigeil seachad às dèidh 22 bliadhna. Ach dè an dìleab a dh’fhàg e, agus dè th’ air fàire a-nise? Tha Coinneach a’ bruidhinn ri eòlaiche a bhuill-coise Ailig O’ Henley, Coinneach MacMhathain a bha e fhèin air bòrd a’ chluba agus Aonghas MacCuthais a chuir eòlas air Milnes mar fhear-gnìomhachais is e fhèin gu math dèidheil air ball-coise.
Cluinnidh sinn bho Derek MacAoidh mu cheann-suidhe na dùthcha, Gotabhaya Rajapaksh, agus mar a tha an dùthaich air poilitigs atharrachadh bho ionnsaighean ceannairc uabhasach na bu tràithe air a’ bhliadhna.
Dè an t-sràid as fheàrr leibh? Tha àrd-shràidean air feadh na dùthcha a’ fulang ach tha àrd shràid Bhaile na h-Eaglaise ann an Arcaibh air moladh fhaighinn. Cluinnidh Coinneach mu na diofar shràidean air feadh na dùthcha a tha ainmeil agus a’ còrdadh ri daoine.
Agus eunlaith Shealain Nuaidh – dè an t-eun a tha air a bhith air a bhòtadh mar isean na bliadhna agus dè na diofar seòrsaichean bheathaichean a tha air feadh na dùthcha sin. [email protected]
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 26 Nov 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 26 Nov 201921:00BBC Radio nan Gàidheal