Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1061

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1061. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Litir 1061: An Gàidheal - Lèirmheas

An t-seachdain sa chaidh, thug mi dhuibh tòimhseachain a nochd ann an clò anns a’ Ghàidheal anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Bha mo shròn anns an dearbh phàipear-naidheachd an t-seachdain seo, agus mhothaich mi lèirmheas de leabhar a bha inntinneach. Bha an leabhar air a sgrìobhadh le James Erasmus Phillips, agus air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Eobhan MacColla.

Sgrìobh Seumas Erasmus Phillips dà leabhar le tiotal inntinneach agus tha iad car a’ dol còmhla. A’ chiad fhear – Seven Common Faults: Grumbling, Temper, Thoughtlessness, Selfishness, Over-Anxiety, Indolence and Self-will. Agus an dàrna fear – Things Rarely Met With: Patience, Unworldliness, Resignation, Meekness, Humility, the Love of Enemies. Agus saoil cò am fear dhiubh a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig? Seadh – na Seven Common Faults! Faodaidh sibh ur beachd fhèin a thoirt air sin!

Agus an tiotal air an leabhar ann an Gàidhlig? Seven Common FaultsSeachd Coireachan a Ta Cumanta. Grumbling – Gearan. Temper – Droch Nàdar. Thoughtlessness – Neo-shuimealachd. Selfishness – Fèin-chùiseachd. Over-Anxiety – Anbharr Iomagain. Indolence – Leisg. Agus Self-will – Fèin-thoil. B’ e an tiotal gu lèir – Seachd Coireachan a Ta Cumanta – Gearan, Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain, Leisg agus Fèin-thoil. Cha chreid mi gum biodh e a’ leum far nan sgeilpichean an-diugh!

Tuigidh sibh gun robh an t-ùghdar a’ cur air adhart modhan Crìosdachd mar dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh. Mu ‘Gearan’, tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain ann an teaghlach Crìosdail air bith.’ 

‘Cronaichibh ur clann air a shon,’ tha an t-ùghdar ag ràdh, ‘ ... agus nuair a tha cothrom freagarrach [ann], cronaichibh ur càirdean [airson a bhith a’ gearain]; oir, mar a tha Gnàth-fhacal Sholaimh ag ràdh – an tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin, gheibh e nas motha de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.’

Tha Seumas Erasmus Phillips a’ leantainn le tuilleadh air ‘Gearan’. ‘Tha nàdar gearanach,’ tha e ag ràdh, ‘fìor chronail don chaitheamh-beatha dhiadhaidh. Tha e a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh gràis. Tha e a’ toirt oirnn dìochuimhneachadh gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè. Tha gearan gar dèanamh mì-iomchaidh airson ùrnaigh.’

Tha e a’ moladh gun lean sinn eisimpleir Ìosa Chrìosda. ‘Tha fios agaibh gur e ar Slànaighear Beannaichte ar n-eisimpleir anns an nì seo, cho math ri gach nì eile. Dh’fhuiling Esan ann an iomadh dòigh, agus ann an caochladh inbhe – seadh, ged bu tàireil, sgainnealach an gnàthachadh a fhuair E bitheanta, gidheadh aon uair cha tàinig gearan o bhilean Ìosa Chrìosda.’

Agus tha an t-ùghdar a’ toirt dhuinn rabhadh mu Leisg. ‘Bha na naoimh bho shean,’ tha e a’ sgrìobhadh, ‘ag èirigh gu moch ... B’ ann moch sa mhadainn a chunnaic Abram ... an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre bailtean a’ chòmhnaird ... B’ ann moch sa mhadainn a chuir Iacob suas an carragh cloiche air an do leig e a cheann rè na h-oidhche, chum gum biodh i na cuimhneachan taingealais air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a gheall Dia dha.’

Uill, sin agaibh Gearan agus Leisg. Tha fhios gum bi sibh gan seachnadh, cho math ri Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain agus Fèin-thoil!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: tòimhseachain: riddles; Gnàth-fhacal Sholaimh: Solomon’s Proverb; ar Slànaighear Beannaichte: our Blessed Saviour.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: a nochd ann an clò: that appeared in print; bha mo shròn anns an dearbh phàipear-naidheachd: my nose was in the same newspaper; mhothaich mi lèirmheas de leabhar: I noticed a review of a book; cha chreid mi gum biodh e a’ leum far nan sgeilpichean: I don’t think it would be leaping off the shelves; a’ cur air adhart modhan Crìosdachd mar dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh: proposing Christian ways in order to avoid the seven faults; cronaichibh ur clann air a shon: censure your children for it; an tì a chronaicheas duine: whosoever censures a man; gheibh e nas motha de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh: he will receive more goodwill than the man who flatters with his tongue; fìor chronail don chaitheamh-beatha dhiadhaidh: very damaging to a pious life; a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh gràis: putting a big barrier in the way of the expansion of grace; gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè: that we are always in the care of God’s Providence; ged bu tàireil, sgainnealach an gnàthachadh a fhuair E bitheanta; although He was often dealt with in a contemptuous and scandalous manner; cha tàinig gearan o bhilean Ìosa Chrìosda: no complaint came from the lips of Jesus Christ; b’ ann moch sa mhadainn a chunnaic Abram: it was early in the morning that Abraham saw; an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre bailtean a’ chòmhnaird: the smoke that was rising to heaven from the ashes of the villages of the plains; air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a gheall Dia dha: of [on] the blessing and benefits that God promised to him.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Seachd Coireachan a Ta Cumanta: seven faults that are common. Did you wonder why the verb is ‘Ta’ and not ‘Tha’? It’s basically old-fashioned (the verb became lenited in Scotland but has retained its unlenited form in Irish Gaelic). The older form of Ùrnaigh an Tighearna ‘The Lord’s Prayerin Scottish Gaelic starts Ar n-athair a Ta air nèamh but today it is usually Ar n-athair a Tha air nèamh to reflect modern usage.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain ann an teaghlach Crìosdail air bith: it can be read on the internet: the noise of grumbling should not be heard in any Christian family.

Broadcasts

  • Sun 17 Nov 201922:30
  • Wed 20 Nov 201923:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast