
An ceangal eadar Rànais agus Winston Churchill
Dè a tha a' ceangal teaghlach à Rànais agus Winston Churchill? What links a family from Ranish in Lewis with Winston Churchill?
An-diugh tha Coinneach a’ cluinntinn mu na teintean uabhasach a tha ag adhbharachadh sgrios ann an Sydney, Astràilia. Tha Aonghas MacLeòid a’ fuireach ann an Sydney agus innsidh e mar a tha am baile a’ fulang.
Tha ceud bliadhna ann an t-seachdain sa bho rugadh Seumas MacEanraig nach maireann, Hamish Henderson, an t-eòlaiche beul-aithris agus bàrd ainmeil. Cluinnidh sinn còmhradh bho 2002 nuair a bha Flòraidh NicNèill, Tormod MacIlleathain, Essie Stiùbhart agus Dolina NicIllinnein a’ cuimhneachadh air.
Chìthear prògraman air a’ BhBC an-dràsta a tha nan oidhirp leabhraichean Philip Pullman a chuir ann an cruth sreath t.bh. Ach dè cho duilich is a tha e leabhar a thoirt bho sgeilp nan leabhraichean gu clàran-amhairc? Tha Iain MacAmhlaigh, Dòmhnall Ruadh agus Raonaid Cheanadach a’ beachdachadh air a’ chùis.
Agus tha Coinneach ann an Rànais an Eilean Leòdhais a’ cluinntinn mu Lilidh NicLeòid, boireannach a thogadh san sgìre a bha bliadhnaichean mòra na còcaire aig Winston Churchill. Tha Seònaid NicCoinnich, a tha càirdeach dhith, ag innse beagan mu deidhinn agus an obair a rinn i. [email protected]
Last on
Clip
![]()
Coinneach MacÌomhair: Lily NicLeòid, Còcaire Churchill
Duration: 08:32
Broadcasts
- Tue 12 Nov 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 12 Nov 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
