
An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet, Dorset. Service with Rev Suzie Roberts, Longfleet Baptist Church, Dorset.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
Màiri NicAonghais le Gach Nì tha Glan is Bòidheach
Clas Seinn Chille-Mhoire le Mìorbhail Gràis
Còisir Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog le Failt’ Ort Aran Beò bho Nèamh
Màiri Chamshron le Ged tha mi Bochd san Fhàsach
Amy NicAmhlaigh le A Thighearna Dhia
Leughaidhean:
Ecsodus 16: 2-8 & 16-18
Eòin 6: 22-35
Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig an Àrd-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn fhads a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh as t-samhradh 2017 agus tha i fhèin is Micheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet.
Last on
An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts
- Sun 27 Oct 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Oct 201915:00BBC Radio nan Gàidheal