
Taisbeanadh GUGA Slighe gu Gàidhlig
Tha Coinneach agus aoighean a' tadhal air an taisbeanadh ùr GUGA: Slighe gu Gàidhlig ann an Glaschu. Kenny and guests visit the new exhibition GUGA: Exploring Gaelic Identities.
Tha Coinneach a' tadhal air an taisbeanadh ùr GUGA: Slighe gu Gàidhlig a tha ri fhaicinn ann an Gailearaidh Ealain an Hunterian ann an Glaschu.
Còmhla ris tha an eòlaiche-inntinn Dòmhnall MacLeòid, Catrìona Nic a' Phì, Viktoria Marker agus Tòmas MacAilpein.
Tha an taisbeanadh a’ ceasnachadh na tha dearbh-aithne Gàidhlig a’ ciallachadh san latha an-diugh – do dh’ fhileantach bho dhùthchas, don neach-labhairt ùr no don neach-labhairt gun Ghàidhlig idir.
Air feadh ceithir seòmraichean ann an Gailearaidh Ealain an Hunterian tha GUGA a’ taisbeanadh chuspairean, leabhraichean agus sgrìobhainnean co-cheangailte ri cànan is cultar na Gàidhlig bho chruinneachaidhean an Hunterian agus Tasglannan is Cruinneachaidhean Sònraichte Oilthigh Ghlaschu. [email protected]
Last on
Broadcasts
- Wed 23 Oct 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Oct 201921:00BBC Radio nan Gàidheal