
Pàdraig R MacLeòid à Ùig an Leòdhas
Sgeulachd a' phìobaire Pàdraig R. MacLeòid à Ùig an Leòdhas. Jo MacDonald profiles the piper Peter R MacLeod of Lewis.
Chruthaich Pàdraig R. MacLeòid cuid de na puirt pìoba as aithnichte agus as ceòlmhor den 20mh linn. Ged a b’ ann à Ùig a bha e, chuir e a mhòr chuid de bheatha seachad ann an Glaschu, far an robh e ag obair anns na gàrraidhean-iarainn.
Chunnaic e seirbheis an iomadh àite ri linn a’ Chogaidh Mhòir, anns an Èipheit, san Àrd an Ear agus an aghaidh nan Turcach ann an Gallipoli. An dèidh dha tilleadh a Ghlaschu ann an 1919 fhuair e cuireadh fuireach san arm na Mhàidsear Pìoba air an ochdamh feachd den Rèisimeid ach dhiùlt e.
An dèidh tighinn sàbhailte tron Chogadh, ann an 1927 bha tubaist aige aig obair agus chaill e an dàrna cas. Ged a thìll e a dh’ obair as dèidh iomadh bliadhna, bha cràdh aige an còrr de bheatha. Ach a dh’ aoindeoin sin, chaidh aige air puirt mhìorbhaileach a dhèanamh, puirt leithid Dora MacLeod, John Morrison of Assynt House agus The Conundrum.
Anns a' phrògram seo tha Jo NicDhòmhnaill a’ bruidhinn ri feadhainn aig a bheil eòlas air ceòl Phàdraig agus air sgeuleachd a bheatha. Gheibh Jo cothrom cuideachd coinneachadh ri fear a bhiodh a’ faighinn leasain bhuaithe agus aig a bheil làmh-sgrìobhainn MhicLeòid.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 1 Oct 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 1 Oct 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Oct 201910:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Feb 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Feb 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Feb 202209:30BBC Radio nan Gàidheal