
Sùil air ais air 1973
Sùil air ais air 1973, a' bhliadhna a chaidh Breatainn a-steach dhan Roinn Eòrpa. A look back at 1973, the year Britain first joined the European Economic Community.
Tha sinn an-diugh a’ cluinntinn gu leòr naidheachdan mu Bhrexit. Ach chan e seo a’ chiad uair a tha ceist na Roinn Eòrpa air poilitigs Bhreatainn a chur troimh-chèile. Thachair a’ leithid cuideachd ann an 1973 cuideachd, nuair a chaidh Breatainn an-sàs sa Choimhearsnachd Eaconomaigeach Eòrpach.
Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cluinntinn bho cheathrar a bh’ ann sa chunnaic, son beachdachadh air na thachair sa bhliadhna sin aig ìre Eòrpach agus aig ìre nàiseanta is ionadail. ’S iad sin Pàdraig MacAmhlaigh, Niall Mitchison, Iain Caimbeul, agus Roy MacÌomhair.
A-measg nan cuspairean tha Breatainn agus an EEC, stèidheachadh Chomhairle nan Eilean, staing na h-ola, stailcean mèinnearan, na cogaidhean truisg, agus dùsgadh a’ Phàrtaidh Nàiseanta an Alba.
bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 19 Sep 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 19 Sep 201921:00BBC Radio nan Gàidheal