
Mar a tha muinntir Hong Kong a’ seachnadh luchd-brathaidh
Ciamar a tha muinntir Hong Kong a’ seachnadh luchd-brathaidh le na fònaichean aca? How are protestors in Hong Kong avoiding being spied on using their phones? bbc.co.uk/coinneach
Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn sa chathair a-rithist an-diugh agus a’ toirt sùil air na tha a’ tachairt ann an Hong Kong. Fad mhìosan tha luchd-iomairt air a bhith air na sràidean. Ach mar a tha Dòmhnall Dòmhnallach a’ mìneachadh tha iad gu math innleachdail ann a bhith seachnadh luchd-brathaidh na stàit.
Dè na sgeulachdan a th’ air cùl ainm? Le Stoirm Dorian a’ dèanamh milleadh anns na Bahamas agus Ameireaga, tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ag innse mar a thàinig an t-ainm bho na seann Ghrèigich, is a sgap an t-ainm agus facail ceangailte ris gu Goill na h-Alba.
Tha Gilleasbuig Dòmhnallach ag aithris air leth-cheud bliadhna bho bhàsaich an t-ùghdar ainmeil Gavin Maxwell.
Agus an ath thrup a bhios sibh faisg air a’ mhòinteach – robh beachd agaibh air cia mheud lus a tha air na monaidhean a bhios ag ithe chuileagan? bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 5 Sep 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 5 Sep 201921:00BBC Radio nan Gàidheal