
Creachadh Ghriais is Chuil Uaraich
Mar a bhris na fir a thill às a’ Chiad Chogadh tacan Ghriais is Chuil Uaraich a Leòdhas. How veterans of the First World War raided the farms of Gress and Upper Coll in Lewis.
Nuair a thill na fir às a' chogadh ann an 1918 is 1919, cha robh a' chòmhstri seachad. Chaidh fearann a ghealltainn dhaibh – ach cha robh e feitheamh riutha. Anns an t-sreath sa, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ rannsachadh mar a thachair ann an diofar sgìrean sna h-eileanan.
Ann an 1919, chreach fir à Tolastadh, am Bac, agus Col dà thac Leòdhasach – Griais agus Col Uarach ann a Sgìre a’ Bhac. Airson trì bliadhna, bha argamaidean mòra an Leòdhas eadar na fir agus uachdaran an eilein, am Morair Leverhulme, gus an d’fhuair iad air na bailtean a tha a-sin an-diugh a stèidheachadh.
Le bhith còmhradh ri muinntir na sgìre agus eòlaichean eachdraidh, tha sgeulachd nam bliadhnaichean cruaidh sin dhan innse. Gheibheadh iad an talamh, ach cha robh e furasta.
Ann an Griais tha Coinneach a’ bruidhinn ri Oighrig Ghreumach agus Murchadh MacLeòid mu na thachair anns a' bhaile sin agus na ceangalan teaghlaich aca fhèin don fheadhainn a bhris Griais; an Col Uarach, tha cuimhne mhath aig Ailig Aonghas Greumach air cluinntinn bho athair mar a chreach iadsan an tac a-sin.
Buinidh an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart do theaghlach a chreach Col Uarach, agus tha esan a’ mìneachadh mar a bha a’ riaghaltas a’ feuchainn ri na geallaidhean a thug iad seachad do na saighdearan is na seòladairean a choileanadh. Ach mar a tha Joni Bhochanan ag innse, bha am Morair Leverhulme gu dubh an aghaidh nan croitearan, is b’ fheudar dhaibh seasamh gu daingeann airson an fhearainn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 22 Aug 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Aug 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Aug 201909:30BBC Radio nan Gàidheal