
06/08/2019
Turas Choinnich agus Seumas Grannd ann an sgìre an Aghaidh Mhòir a tighin gu crìch ann an Coit a' Ghartain.
Kenny and James Grant's tour of Aviemore ends in Boat of Garten.
Tha Coinneach a' criochnachadh a chuairt còmhla ri Seumas Grannd ann an Coit a'Ghartain, baile eadar an Aghaidh Mhòir agus Baile nan Granndach.
Tha e an uairsin a' gabhail turas mara gu Rubha an Dùnain san Eilean Sgitheanach. Còmhla ris tha Gilleasbuig Fearghasdan, Cailean MacIlleathain, Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Iain Phillips, is iad a’ toirt sùil air làrach a tha na mìltean bhliadhnaichean a dh’ aois - làrach a bha cudromach ann an Linn na Cloiche agus sna Meadhan Aoisean. Ged a tha e bàn an-diugh, bha latha ann nuair a bha an dùn, gàrradh shoithichean, agus fiù ’s canàl ann eadar a' mhuir agus an loch a th’ air an rubha.
bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 6 Aug 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 6 Aug 201921:00BBC Radio nan Gàidheal