
A bheil sinn a' cur luach air taighean comhairle
Tha feum ann an craobhan, ach carson agus dè tha còir againn a bhith a' cur? What kind of trees should we plant and why?
As a' phrògram còmhradh mun a' bhuaidh a tha luach an not a' toirt oirnn. Dè tha sin a’ ciallachadh aig an taigh agus do ghnìomhachasan ann am Breatainn? Cluinnidh sinn bhon eòlaiche-ionmhais Iain Caimbeul. Cuideachd, ma tha dùil agaibh a bhith a' siubhal a dh’aithghearr, dè tha còir a dhèanamh a thaobh d’ airgead thall-thairis, agus càit am faigh thu a' chuid as fheàrr airson d’ airgead san là a tha ann? Gheibh sinn facal air Daibhidh Byrne.
Carson a tha còir againn barrachd chraobhan a chur? Tha fhios againn gu bheil e math dhan àrainneachd, ach tha iad math airson iomadach àdhbhar eile cuideachd. Gheibh sinn comhairle bho Chalina NicDhòmhnaill agus còmhradh ri Calum Aonghas MacAoidh aig a bheil gàrradh làn chraobhan.
Sheall Channel 4 am prògram George Clarke’s Council House Scandal a-raoir; le ceud bliadhna bho chaidh na ciad taighean comhairle a thogail ann am Breatainn, carson nach eil sinn mar shluagh a’ cur barrachd luach orra? Tha an t-ailtire Martainn Mac a’ Bhàilidh còmhla rinn.
Last on
Music Played
![]()
Sigala vs Becky Hill
Wish You Well
![]()
David Gray
The Sapling
![]()
George Ezra
Pretty Shining People
- Staying at Tamara's.
- Columbia / Sony Music.
- 1.
![]()
The Coral
In The Morning
![]()
Liam Gallagher
Once
![]()
Shawn Mendes
If I Can't Have You
![]()
Stereophonics
Indian Summer
Broadcast
- Thu 1 Aug 201912:30BBC Radio nan Gàidheal
