
Christine Primrose
Iain MacIlleMhìcheil le ceistean pearsanta do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well-known Gaels some personal questions.
Rugadh is thogadh Christine Primrose ann an Càrlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais. Tha i air a bhith a’ seinn an ìre mhath bho ’s cuimhne leatha agus dh’ fhàs a h-ùidh ann a bhith a’ rannsachadh ’s a' gabhail òrain bho a dualchas fhèin is i fhathast gu math òg. An-diugh tha a cliù mar shàr-sheinneadair air sgaoileadh gu dùthchannan air feadh na Roinn Eòrpa agus gu na Stàitean Aonaichte, Canada is Astràilia.
Am measg gach urram a chaidh a bhuileachadh oirre, bha i air a h-ainmeachadh mar sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na Scottish Trad Awards ann an 2009 agus choisinn i MBE ann an 2018 airson a cuid obrach as leth ceòl, cultar is foghlam na Gàidhlig ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.
Tha Christine air grunn chlàir a dhèanamh agus bidh i tric ag obair còmhla ris a’ chlàrsair ainmeil Alison Kinnaird. Còmhla, bha iad nan riochdairean aig an fhèis Scotland at the Smithsonian ann an Washington D.C. ann an 2003.
Tha i bho chionn faisg air dà fhichead bliadhna air a bhith a’ teagasg òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.
Last on
Clip
![]()
Sealladh Eile: Christine Primrose
Duration: 01:08
Broadcasts
- Mon 22 Jul 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 22 Jul 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jul 201913:00BBC Radio nan Gàidheal
