
A bheil biadh Frangach air a dhol a-mach à fasan?
A bheil barrachd uallach air ginealach òg an latha an-diugh na bha a-riamh? Does the current generation of children have more worries than previous ones?
Tha a’ bhuidhnean Action For Children air rannsachadh a dhèanamh le còig mìle neach nam measg pàrantan, seana-phàrantan agus clann is iad ag amharas gu bheil barrachd uallach air òigridh an là an-diugh na bha orra a-riamh. Thuirt iad gu bheil cùisean mar an àrainneachd, Brexit, sàbhailteachd agus airgead am measg na rudan a tha cur dragh orra.
Tha co-dhùnadh ga dhèanamh an-diugh fhèin air dè an lot as fheàrr agus as breagha ann am baile Ghlaschu. Tha Cupa an Ceann Tighearna Naomh Mungo air a bhith ga thoirt seachad gach bliadhna bho 1943. Tha an fharpais fosgailte do ghàirnealairean nach eil ag obair aig ìre proifeiseanta agus a tha an sàs ann an liosan nach eil nas motha na 300 slat cheàrnagach. Tha an gàirnealair againn fhìn, Iain MacDiarmid, còmhla rinn air Feasgar son innse mun fharpais.
A bheil biadh Frangach air a dhol a-mach à fasan? Tha an còcaire Alasdair Macleòid a’ beachdachadh. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
JP Cooper
Sing It With Me (feat. Astrid S)
![]()
Dustin Tebbutt
Wooden Heart
![]()
Ray LaMontagne
You Are the Best Thing
![]()
Camera Obscura
The Sweetest Thing
![]()
The Strumbellas
I'll Wait
![]()
Belle and Sebastian
Sister Buddha
![]()
Grace VanderWaal
Hideaway
Broadcast
- Wed 17 Jul 201912:30BBC Radio nan Gàidheal
