
Teaghlaichean farpaiseach
Na buannachdan an cois a bhith a’ toirt diofar aoisean còmhla. The benefits gained from different ages spending time together. bbc.co.uk/feasgar
Tha an àireamh do daoine a tha a’ fuireach leotha fhèin a’ fàs agus an cois sin tha an àireamh de shluagh nas aosda a' sìor dhol am meud cuideachd.
Tha buidheann ann an Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh air iomairt a thòiseachadh a’ coimhead ri dòighean air beatha seann daoine a dhèanamh nas fhasa agus nas tlachdmhor. Tha iad ag iarraidh tòiseachadh air intergenerational living a’ coimhead air dòighean nas fheàrr air diofar ghinealaichean a thoirt còmhla is beachd ann gun toir seo mòr-bhuannachd air daoine aig gach aois.
Tha Andy Murray agus Jamie Murray a’ cluich càraid an-diugh aig raon Wimbledon. Chan eil iad a' cluich còmhla ge-tà agus aig an ìre sa chan eil fios aca am bi no nach bi. Tha fios gu robh farpais làidir anns an teaghlach seo thairis air na bliadhnaichean is tha iad a-nis aig an aon ìre ach saoil cò ris a bhitheas e coltach dhaibh. Tha Cathy a' còmhradh ri teaghlaichean far a bheil farpais an aghaidh a chèile mar phàirt dhan bheatha làitheil.
‘S iomadh cruinneachadh a bhios a’ dol thairis air an t-samhraidh – pàrtaidhean samhraidh, barbecues is eile, ach ciamar a tha sibh gan làimhseachadh mu ‘s tusa an còcaire?! Am bi sibh a’ dol nar butarrais anns a’ chidsin ma tha cus dhaoine ri am biadhadh? No bheil sibh socair rèidh aig an stiùir. Cuideachd dè na dòighean as fheàrr air a dhol timcheall air a bhith ag ullachadh biadh ma tha daoine tighinn thugaibh? bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
Bastille
Another Place
![]()
Katy Perry
Never Really Over
![]()
Hozier
Almost (Sweet Music)
![]()
Nora Collins
Strings
![]()
The Academic
Bear Claws
![]()
Bananarama
Looking For Someone
Broadcast
- Wed 3 Jul 201912:30BBC Radio nan Gàidheal
