
Am bu chòir pàigheadh airson uisge tap ann an taighean bìdh
Am bu chòir pàigheadh airson uisge tap ann an taighean bidh? Should we pay for tap water in restaurants? bbc.co.uk/feasgar
Tha Iain Moireach air a bhith a’ rannsachadh studio ciùil eile agus an t-seachdain tha e gar toirt gu Memphis, Tennessee gu Sun Studio. Tha an làrach linn aca ag ràdh gur ann a seo a thoisich Rock and Roll ach saoil a bheil Iain ag aontachadh?
Tha grunn bhliadhnaichean a-nis bho chuala sinn gu bheil prìomh shràidean nam bailtean mòra ann an cunnart le bùithtean an còmhnaidh a dùnadh. Tha seo anns a’ phlana aig Boots agus aig Marks and Spencer far a bheil na ceudan de na bùithtean acasan a’ dùnadh ro dheireadh 2020. Ach tha e na iongnadh gu bheil cuid a’ dol an aghaidh an t-struth ach saoil carson tha sin? Tha leithid Primark a’ dèanamh cho math ‘s gu bheil e comasach dhaibh bùth ùr le café agus Beauty Salon fhosgladh ann an Birmingham. Air rèir leabhar Guinness ‘se seo a’ bhùth aodaich as motha air an t-saoghail. A bheil an àrd-shràid a’ bàsachadh no a bheil sinn a’ gluasad gu dòigh ùr air ceannach?
An do smaoinich sibh riamh nuair a bhios sinn ag òrdachadh uisge bhon tap ann an taighean bìdh, gur dòcha gu bheil sin a’ toirt buaidh air na tha an t-àite a’ dèanamh de dh’airgead? Tha òstair à Bristol ag ràdh gu re glè bheag de phrothaid a nì iad air biadh agus gum bu chòir daoine a bhith a’ pàigheadh airson an uisge tap cho math ri deochan eile. Sin an dearbh cheist a tha sinn a’ deasbad anns a’ phrògram. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
Jonas Blue
What I Like About You (feat. Theresa Rex)
![]()
Westlife
Hello My Love
![]()
Emeli Sandé
Extraordinary Being
![]()
Scouting for Girls
She's So Lovely
![]()
Elvis Presley
That's All Right
- Elvis Presley - The 50 Greatest Hits.
- BMG/RCA.
![]()
Jackie Brenston & His Delta Cats
Rocket 88
- Blue Flames: A Sun Blues Collection.
- Ninja Tune Ltd.
- 1.
![]()
Elle King
Ex's & Oh's
- Love Stuff.
- RCA.
- 002.
Broadcast
- Thu 30 May 201912:30BBC Radio nan Gàidheal
