
Prògram sònraichte mun dealbh chluich Oidhche Challainn
Tha Coinneach a' bruidhinn ris na cluicheadairean bhon dealbh chluich Oidhche Challainn.
Kenny talks to the actors and performers from the well-known play Oidhche Challainn.
An-diugh cothrom eile èisteachd ri prògram sònraichte a chlàr Coinneach ann an Glaschu còmhla ris na cluicheadairean bhon dealbh chluich Oidhche Challainn. Chaidh am prògram a chlàradh aig an àm a bha an dealbh-chluich a' nochdadh air an àrd-ùrlar airson an turas mu dheireadh. Bha sin deich bliadhna air ais. A-nis tha Oidhche Challainn air ais air an àrd-ùrlar far a bheil Donnie Mac a' Ghobhainn agus Iain MacNèill gar toirt air chuairt tro thasglann Oidhche Challainn. Bidh seo ann an Ionad Coimhearsnachd Cridhe Scotstoun a' tòiseachadh aig seachd uairean. Tha deagh oidhche air a ' ghealltainn le gàireachdaich is cuimhneachain sònraichte gu leòr.
Anns a' phrògram seo tha Dòmhnall Aonghais Mac a' Ghobhainn, Iain MacNèill, Donnie Mac a' Ghobhainn agus Peigi Darroch a' gabhail pàirt. Bha iadsan an sàs anns an dealbh chluich seo airson iomadh bliadhna. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 30 May 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 30 May 201921:00BBC Radio nan Gàidheal