
Eachdraidh ròsan cloiche Dhùn Èideann
Eachdraidh ainmean sràidean Dhùn Èideann. A History of Edinburgh’s street names. bbc.co.uk/feasgar
Tha co-labhairt mhòr ann an Glaschu an t- seachdain ’sa air a bheil All-Energy UK. Chaidh ainmeachadh gun tèid a h-uile oidheirp a dhèanamh Glaschu a chomharrachadh mar a’ chiad bhaile ann am Breatainn a bhios carboin-neodrach. Tha Iain MacCoinnich aig a bheil ùidh sa chuspair anns an stiùidio ann an Glaschu, tarsaing na h-aibhne bho far a bheil an co-labhairt a' dol air adhart.
Tha greiseag a-nise bhon a chaidh na ròsan cloiche ainmeil a bh’ air Sràid nan Ròs ann an Dùn Èideann a phasgadh air falbh agus obair-leasachaidh a’ dol air adhart ann. Chaidh an dealbhachadh leis an tè-ealain Maggie Howarth agus bha ochd dhiubh air an stèidheachadh anns a’ chloich far am bithear a’ coiseachd air an t-sràid. Cò às a thàinig ainm Rose Street an toiseach ? Agus ann am baile cho làn eachdraidh, dè na sgeulachdan inntinneach a tha ceangailte ri ainmean sràidean eile sa bhaile? Tha an Dotair Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a tha a’ fuireach anns a’ bhaile air a bhith dèanamh beagan rannsachadh orra.
Tha Ed Sheeran agus Justin Bieber air òran ùr singilte a thoirt a-mach còmhla agus tha cuid a' cumail a-mach gur e seo òran na bliadhna 2019. Ach dè na h-òrain càraid eile a tha air soirbheachadh thairis air na bliadhnaichean agus dè an fheadhainn as fheàrr leinn. Tha triùir a tha measail air ceòl a’ meòrachadh air a chuspair. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
![]()
Matt Simons
Summer With You
![]()
Maren Morris
A Song for Everything
- GIRL.
- Columbia Nashville.
- 004.
![]()
Savoir Adore
Simple Shapes
![]()
Ed Sheeran & Justin Bieber
I Don't Care
![]()
Kenny Rogers & Dolly Parton
Islands In The Stream
![]()
Vampire Weekend
We Belong Together
![]()
The Proclaimers
Streets of Edinburgh
Broadcast
- Thu 16 May 201912:30BBC Radio nan Gàidheal
