
An t-Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann a' Loch
Seirbheis còmhla ris an Urr Pòl Moireach, Eaglais Shaor Cheann a' Loch.
Gaelic service conducted by Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 95: 6-7 air fonn Bedford agus 's e Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois
Salm 84: 11-12 air fonn Moravia agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Gharraboist.
Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Philipianach 1: 12-30
Ceann-teagaisg: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Philipianach 1: 21
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha triùir a theaghlach aca. Thuige seo, chan eil mòran ùine air a bhith aig Pòl airson cur-seachadan ach a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
An t-Urr Pòl Moireach

Broadcasts
- Sun 5 May 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 May 201915:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Sep 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Sep 201915:00BBC Radio nan Gàidheal