
A' cuimhneachadh air beatha Dhòmhnaill Mhoireasdan, Am Megantic Outlaw
A' cuimhneachadh air beatha Dhòmhnaill Mhoireasadan, Am Megantic Outlaw. Remembering the life of Donald Morrison, The Megantic Outlaw. bbc.co.uk/coinneach
Tha 125 bliadhnaichean ann bho bhàsaich Domhnall Moireasdan, no am Megantic Outlaw, ma is fheàrr a dh’ aithnichear e. An-diugh cluinnear iomradh air an sgeulachd-beatha bho Calum Màrtainn. Tha Calum fhèin càirdeach dha agus dìreach an-raoir thug e seachad òraid gu oileanaich a bha ag ionnsachadh mu bheatha Dhòmhnaill Mhoireasdan.
Tha dà bhliadhna ann a-nis bhon a chaidh Taigh-staile Thòrabhaig a' stèidheachadh ann an seann thoglaichean tuathanas ann an Slèite. Se an Taigh-stàile is ùire anns an Eilean Sgitheanach agus thèid Coinneach air chuairt timcheall air còmhla Calum MacAoidh.
Agus anns an t-sreath aige a' dèanamh mìneachadh air saidhg-eòlais, tha Dòmhnall MacLeòid a' togail air an rannsachadh a chaidh a' dhèanamh le radain agus calmain gus barrachd tuigse fhaighinn air rudan mar Giùlaineachd.
Last on
Music Played
![]()
Calum Martin
Chi Mi Bhuam
Broadcasts
- Wed 24 Apr 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 24 Apr 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
